| Celtic Connections agus Trainnsairean Govanhill |
|
|
|
Tha a’ bheatha ciùil agam air a dhol sìos gu mòr on a thòisich mi an cùrsa seo - ’S e an rud as cruthachaile a rinn mi o chionn ghoirid clàradh gòrach de “Na Trì Rìghrean” a rinn mise is mo bràthair is mo phiuthar air coimpiutair nuair a bha sinn còmhla aig an taigh air saor-làithean. Fhuair mi an cothrom, ge-tà, ri dol gu aig a’ char as lugha aon chuirm gu ruige seo aig Celtic Connections (ged a b’ fheàrr leam trì seachdainean air fad a chur seachad a’ dol gu bùithtean-obrach agus cuirmean-ciùil, ’s e cosgais semeastar eile oilthigh a bhiodh ann an sin).
Chunnaic mi an-raoir pàirt mhòr dhen “BBC Scotland Festival Special” aig an t-Seann Mhargaid Mheasan. Bha mo dhruim duilich nach robh suidheachan sam bith ann (tha rudeigin brùideil mu dheidhinn mar a nì iad sin, chan urrainn dhut gabhail air do shocair fhad ’s a bhios tu ag èisteachd), ach ’s e sin a gheibh thu saor an-asgaidh. Chuala sinn Maura O’ Connell à Èireann, le guth cumhachdach a chleachd i airson iomadh seòrsa òrain, is tha mi cinnteach comasach air barrachd a sheinn cuideachd. Chòrd an t-òran ‘Hay Una Mujer Desaparecida’ rium as motha, le co-sheirm sìmplidh a rinn Maura còmhla ri a piuthar Anya. An uair sin chluich The Lost Brothers, gu math coltach ri Simon and Garfunkel (is gheibh thu am beachd gu bheil fios aca) leis na giotaran socair agus co-sheirm mhilis fhonnmhor aca. ’S e The Alan Kelly Quartet an ath chòmhlan air an àrd-ùrlair, a’ cluich puirt air a’ bhocsa, an fhìdheall, a’ ghiotar agus an duiseal, agus an uair sin Alicia Nugent às Na Stàitean (gu soilleir! Mo chreach!) is an còmhlan mòr Bluegrass is Dùthchasach aice. Dh’fhalbh mi às dèidh sin agus chaill mi Carlos Nuñez aig an deireadh ach bha clas agam sa mhadainn is cha b’ urrainn dhomh seasamh airson uair a bharrachd.
Feuchaidh mi ri dol dhan bhuth-obrach air orain sa Bheurla Ghallda agus cuideachd “Ukelele airson luchd-toiseachaidh” – tha mi gu dearbh a’ tòiseachadh air an ukelele ionnsachadh airson nan clasaichean sgoile a bhios agam sna bliadhnaichean ri tighinn. Anns a’ chiad àite a chionn ’s gu bheil mi eòlach air sgeulachd sgoinneil dham biodh ukelele gu math feumail, agus cuideachd air sgàth ’s gu bheil ollamh a’ tairgsinn chlasaichean saor an-asgaidh bho àm gu àm aig an oilthigh. Tha mi ag ionndrainn na fìdhle! Tha mi duilich nach cuala sibh bhuam airson dà mhìos a-nis – mo nàire mhòr! Ghluais mi gu flat ùr air an taobh a deas agus thill mi dha na Stàitean airson saor-làithean na Nollaig. Tha mi a-nis a’ fiosrachadh stàit na trannsairean-cumanta ann an Govanhill, tron trannsair againn fhìn agus a bhith a’ sgaoileadh an litir-naidheachd ionadail The Crane (http://southsidecrane.wordpress.com/about/). Gheibh trannsair puingean is callaidh iad puingean airson na leanas: +5 puingean airson lusain is craobhan. Bheir iad deagh fhaireachdainn dhan àite. -5 puingean airson graffiti Nazi air na ballachan. -5 puingean airson pìob air a sgàineadh ann an preas fo na staidhre cumanta. -5 puingean mura h-eil factor ann ri dèiligeadh ris. +5 puingean airson uinneig air a’ mhullach a’ leigeil solas a-steach air an staidhre aig an làr as àirde Tha an trannsair againn an-dràsta aig -10, ach tha an aon graffiti againn an aghaidh nam poileas, taing do shealladh. |





