| Foghlam radaigeach agus beatha ann an Glaschu |
|
|
|
Tha mi a-nis gu tur an sàs anns a’ chursa teagaisg agam agus a’ strì leis an duilgheadas seo: ciamar a bhios mi a’ cuideachadh chloinne a bhith comasach air neo-eisimileachd agus gus sabaid an-aghaidh an t-siostaim, agus aig an aon àm, a bhith ag obair dhan riaghaltas?
Leugh mi “Pedagogy of the Oppressed” le Paulo Freire, agus tha esan a’ bruidhinn mu dheidhinn “banking education,” an seòrsa ionnsachaidh a gheibh thu anns an sgoil uaireannan fhathast far a bheil an tidsear na eòlaiche agus ise a’ cur fiosrachadh ann an ceann nan sgoilearan, mar bhanca fiosrachaidh. Tha e a’ bruidhinn mu dheidhinn mar a bhios am foghlam seo a’ dèiligeadh ris na sgoilearan mar ’s gur e cùisearan a th’ annta; chan e ach dòigh eile a th’ ann aig na daoine ann an cumhachd ris na luchd-obrach a chumail sìos, a chumail gun daonnachd, gun a bhith a’ ruigsinn cumhachd iad fhèin. Agus ’s e sin an rud mu dheireadh a tha mi ag iarraidh dèanamh, gu sònraichte a-nis ’s a tha mi air an stuth radaigeach seo a leughadh. Tha m’ inntinn a’ fosgladh aig an aon àm sa tha mi ag ionnsachadh an “Curriculum for Excellence” agus a’ smaoineachadh mun bhliadhna ri thighinn. ’S e dùbhlan a bhios ann, mar a bha fios agam cho luath sa thuirt aon dhe na tidsearan agam, “Cha bhi ar-a-mach a’ tachairt ann an Alba a-chaoidh. Ma tha thu ag iarraidh atharraichean a dhèanamh, tagh rudeigin beag nach bi ag adhbhrachadh deasbad.” Bidh mi a’ feuchainn ri tidsearan radaigeach eile a lorg agus compàirteachadh ann an ro-innleachdan. A-mach air ceòl folk, tha mi air seisean math a lorg aig an ‘Uisge Beatha’, an taigh-òsta nach eil dà bhloc air falbh bhuam air Woodlands – cha deach mi ann ach aon turas, ach ’s e seisean ceart a bh’ ann, le daoine eadar-dhealaichte a’ seinn is a’ cluich. Bha na daoine eile san t-seòmar an sin airson a’ chiùil agus bha iad ag èisteachd. Bha mi air mo dhòigh, ach cha d’fhuair mi cothrom eile a dhol ann, oir bidh an seisean seo air a chumail Didòmhnaich, is mar as trice tha mise gu math trang a’ cur crìoch air obair oilthigh an oidhche ud. Tha fear eile ann Diardaoin ge-tà, agus cuiridh mi sùil air an t-seachdain seo. Tha mi a’ coimhead air adhart ris a’ chiad “Ceòl is Craic” air an 26mh latha den mhìos-sa, agus cuideachd airson An Là fhaicinn an-diugh, oir bidh Colm MacQueen air is e a’ bruidhinn mun bhuidhinn còcaireachd vegetarianach a tha esan a’ tòiseachadh ann an Glaschu airson luchd-làbhairt na Gàidhlig – chaill mi a’ chiad choinneamh a-raoir (às dèidh ruith na cubhaige ana-mhòr gu meadhan a’ bhaile) ach tha mi an dòchas gum bi mi aig an ath thè. Tha am flat againn a’ fàs nas fheàrr às dèidh rud beag sgeadachaidh, ged a tha an t-uachdaran cho doirbh ri fhaighinn ’s gun do chuir sinn litir thuige sa phost. Tha mi a’ dol an-diugh airson gloinneachan fìona fhaighinn air Freecycle, an làrach-lìn as fheàrr leam an-dràsta. Chì mi sibh an ath-mhìos, agus fàg beachd dhomh ma tha sìon agad ri ràdh!
|





