| A' gluasad dhan bhaile mhòr |
|
|
|
Cha chanainn gur ann mar bhogsa theòclaidean a tha a’ gluasad gu flat ùr anns a’ bhaile mhòr; chanainn gu bheil e nas fhaisg air bogsa Bertie Bott’s Every Flavor Beans, far a bheil fios agad gu bheil aon no dhà “cèir chluais” no “cur-a-mach” ann a’ feitheamh riut. Bhon a sgrìobh mi an turas sa chaidh, tha mi air gluasad a Ghlaschu agus air faighinn a-mach a h-uile rud a tha ceàrr air a’ flat nach do mhothaich mi nuair a thuirt mi, “Nì seo an gnothach!” Chuir e rud beag iongnaidh orm nuair nach robh uisge teth bho na gocan (ged nach eil sin laghail idir, tha làrach-lìn Shelter ag innse dhomh), agus gun robh an àmhainn briste, agus nach eil an sinc anns an t-seòmar agam ceangailte ris a’ bhalla (ged a tha e ag obair!), ach aig an aon àm, tha an t-àite fhèin math, agus tha gu leòr dealas DIY annam airson lèirsinn feallsanachail a thoirt air a’ chùis.
An t-seachdain seo, ghlan mi an uinneag mhòr againn (a’ chiad làr, le “sash”) a-muigh agus a-staigh, gun a bhith a’ tuiteam dhan chabhsair, is bha còmhradh agam ri dithis fhear òg a bha nan seasamh fodham a’ coimhead orm airson spòrs. An ath latha, fhuair mi a-mach gu bheil an uinneag a’ tighinn a-steach air hinge airson glanadh. Rar. Ach ’s e flat math do dh’oileanaich a th’ ann; tha am flatmate againn nach eil ann uair sam bith, agus an uairsin am fear a bhios a’ smocadh fad an latha agus a tha an sàs anns a h-uile buidheann radaigeach agus “hipidh” ann an Glaschu. Is chan eil mi ag ràdh idir nach eil mi toilichte le sin; a-nochd fhèin, bha còmhraidhean agam nam sheòmar, le aoighean a’ tighinn is a’ falbh, mu anargachd agus Iosrael, is nuair a tha mise a’ bruidhinn mu phoileataigs is beachdan, tha mi nam nighean shona shunndach. Cuir mi ann am pàrtaidh agus bidh mi anns an oisean a’ fàireasaich air an làr. Air a’ chuspair de bheachdan math, chaidh mi gu Taigh-dhealbh Film Ghlaschu airson “The Yes-Men Fix the World,” fhaicinn agus mholainn e gu dearbh do neach sam bith a tha measail air a) Ceartas sòisealta no b) a’ coimhead air dà dhuine èibhinn a’ toirt car à companaidhean mòra. Agus chan urrainn dhomh falbh mus can mi gu bheil trì airteagalan sgoinneil air a’ BhBC mu sgoiltean Gàidhlig, agus mar thidsear-ann-an-trèanadh airson Foghlaim tro Mheadhan na Gàidhlig, bha mi air mo dhòigh a’ leughadh mu leudachadh an iarrtais airson sgoiltean Gàidhlig, gu sònraichte nuair a tha e cho doirbh do thidsearan obair mhàireannach a lorg. Tha mi air mo chùrsa a thòiseachadh a-nis, mise is na triuir bhoireannach eile a tha air a’ chùrsa Ghàidhlig airson bun-sgoil, agus an ath mhìos ’s dòcha gun sgrìobh mi tuilleadh mun sin. Romham a’ mhìos-sa: a’ feuchainn mo làmh air freeganachd, agus ceòl traidiseanta a lorg ann an Glaschu! Suas leis a’ folk!
|





