| Air Ghleus |
|
|
|
Feasgar math a charaidean bhon Eilean Sgitheanach, is fàilte dhan bhlog ùr a tha seo, a’ chiad fhear sa Ghàidhlig aig The Garden Sessions agus a’ chiad fhear a bh’ agam, a bharrachd air oidhirp air livejournal, feumaidh mi aideachadh, nuair a thòisich mi oilthigh coig bliadhna air ais. (Air a’ chuspair de bhlogaichean a tha a’ bàsachadh gu luath, ma tha thu a’ lorg rudeigin èibhinn, tadhail air www.theyearoftheblog.wordpress.com airson “blog ùr a h-uile latha” leis an eòlaiche de bhlogaichean treigte, Dru Johnston à New York City.) Air an làrach seo, bidh mi a’ sgrìobhadh mu dheidhinn dàin-thurais folkie sam bith a tha a’ tachairt rium sa bhliadhna romhainn. ’S e eilearach deònach a th’ annamsa, air tighinn a dh’ Alba à New Hampshire anns Na Stàitean, far an deach mo thogail le ceòl traidiseanta agus far an d’ fhuair mi an gaol màireannach agam air ceòl na mara.
An do ghluais mi an seo air sgàth ’s gu bheil mi air mo bheò-ghlacadh le òrain luadhadh? Ma dh’fhaoidte. Ach ghluais mi gu dearbh, agus dh’ ionnsaich mi a’ Ghàidhlig am-bliadhna aig Sabhal Mòr Ostaig ann an Slèite, far an do chuir mi seachad grunn uairean èibhinn a’ faighinn leasanan saor ’s an-asgaidh air an fhidhill le Ailean MacEanraig agus a’ feuchainn deagh phrògram rèidio sa Ghàidhlig a chur air dòigh còmhla ri mo charaid Alasdair air Cuillin FM. Tha mi toilichte a ràdh gun robh mi meadhanach soirbheachail air an fhìdheall, ach cha chanainn an aon rud mun phrògram...’s e an aon sòlas a th’ againn, nach eil an stèisean a’ tighinn a-steach san sgìre is cha b’ urrainn duine sam bith air an robh sinn eòlach ar cluinnteil. Phew. Ach cha bhi mi san Eilean ach mìos a bharrachd, agus an uair sin – dhan a’ bhaile mhòr leam! Tha mi a’ gluasad a Ghlaschu airson PGDE ann an teagasg bunsgoil fhaighinn aig Cnoc Iòrdain. Bidh mi ag ionndrainn na tiocaidean saora gu cuirmean-chiùil mìorbhailleach aig a’ cholaiste, agus, tha mi cinnteach, cho dlùth sa tha sinn a’ fuireach ri nàdar an seo. Ach tha mi airson sgìrean eadar-dhealaichte ann an Alba a rannsachadh, agus tha mi air tòrr rudan math a chluinnteil mu Ghlaschu. Tha mi a’ dèanamh fiughair ris na bùithtean a tha faisg oirnn agus fosgailte, còmhdhail phoblach uair sam bith a tha mi ag iarraidh...oh gu dearbh tha. Is ged a bhios an t-uabhas de dh’ oileanaich aig Sabhal Mòr a’ cluich ionnstramaid air choireigin, feumaidh mi aideachadh gu bheil e doirbh sèisiun beòthail a lorg, gu sònraichte far an cluinnear òran sam bith. Bidh mi a’ dol a-mach a lorg sèisiunan math ann an Glaschu, le deagh oidhche san Royal Oak mar an slat-tomhais agam, agus chì sinn dè na toraidhean a bhios ann. Bidh mi craicte trang leis a’ chùrsa, is bho àm gu àm bidh mi ag innse dhuibh mu na dùbhlain is (’s dòcha) an amaideas co-cheangailte ri sin, nuair a bhios e èibhinn no iomchaidh. Gheibh thu dealbh an seo de bheatha is ceòl tro shùilean folkie òg dealasach. Tìoraidh an-dràsta is chì mi thu an ath-mhìos.
|





