|
cliog an seo gus ‘Air Ghleus’ le Beth Freidan a leughadh Air a’ chiad cheala-deug dhen mhìos, tha Rona agus Màiri a’ toirt sùil air na tha a’ dol ann an ceòl Gàidhlig is Gàidhealach, eadar fèisean, cuirmean-ciùil, pròiseactan, pàrtaidhean agus clàran ùra. Bidh farsaingeachd ciùil, sean is ùr, ri chluinntinn, deagh spòrs is fealla-dhà. Puirt is òrain, Mòdan is dannsaichean, is caraidean a’ cèilidh. Tha na CVan aig Rona agus Mairi dhen t-seòrsa fharsaing nach fhaighear ann an àite sam bith ach ann an saoghal na Gàidhlig agus dùthchannan beaga Afraganach aig nach eil deamocrasaidh fhathast. Cha mhòr nach e an aon rud air nach amais iad mòine a bhuain. Tha iad sòlmaite, dòrainneach tron latha ach bidh iad a’ tighinn beò air an oidhche nuair a gheibhear iad mar as trice a’ marbhadh puirt-a-beul, òrain luaidh agus puirt fìdhle. Tha na repertoires aca gu math àraid; tha iad eòlach air co-dhiù millean òran an urra, ach chan eil gin aca sa chumantas ach a-mhàin ‘Thoir mo Shoraidh thar Ghunnaidh’, a tha feumail airson talla a chlìoradh aig deireadh cèilidh. Tha an fhianais air Facebook… Chan innseadh iad do dhuine, ach tha iad le chèile airson a bhith nan seinneadairean-taice aig Gillebrìde Mac Ille Mhaoil.
|
|||||||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||||||
|
|||||||||||||||||||||||||||
|
|
|||||||||||||||||||||||||||
Monday 15th of March 2010
Advertisement

Archived Audio
Featured Videos
A short film about Julie Fowlis
Archie Fisher / Will Ye Gang Love

Latest Photos
Comment & Opinion
Latest Shows
The text on this page is in Gaelic. Sorry, we don't currently have an English translation.



